Mastodon

Tha mi air co-dhùnadh Twitter, Facebook agus Instagram fhàgail is mi air cunntas a chlàradh air Mastodon nan àite.

Mura h-eil sibh eòlach air Mastodon fhathast, ‘s e lìonra sòisealta car coltach ri Twitter a th’ ann, ach tha e stèidhichte air bathar-bog saor an-asgaidh is fosgailte agus e na phàirt den cho-shaoghal, no Fediverse mar a chanas iad sa Bheurla.

Chlàraich mi cunntas air an fhrithealaiche Albannach, Mastodon.scot, ach tha mi air faighinn a-mach a-nis gu bheil GunChleoc (Rianaire Fòram na Gàidhlig), air frithealaiche fa-leth a chruthachadh do mhuinntir na Gàidhlig, Ailbhean.co-shaoghal.net.

‘S e feart math mu dheidhinn a’ cho-shaoghail, ge-tà, nach eil e gu diofar dè am frithealaiche a bhios tu fhèin a’ cleachdadh, bidh thu fhathast comasach air daoine air frithealaichean eile a leantainn.

Ma tha thu airson barrachd fhiosrachaidh mun a’ cho-shaoghal, tha GunChleoc air foir-shealladh a sgrìobhadh an-seo: https://co-shaoghal.net/index.php?page=170.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.