An Dearbhair Beag ann am macOS

Tha an Dearbhair Beag ’na dhearbhair-litreachaidh a tha stèidhichte air stòr-dàta nam faclan a tha san Fhaclair Bheag agus is esan an dearbhair as motha a tha ri fhaighinn aig an àm seo. Tha e air a fhilleadh ann an tionndaidhean Gàidhlig de na prògraman LibreOffice, OpenOffice agus Firefox o thùs. Is e adhbhar am post seo ge-tà sealltainn dhut mar a ghabhas a chleachdadh le taghadh nas fharsainge de phrògraman ann am MacOS.
A’ stàladh an dearbhair
An toiseach, feumar Homebrew a stàladh.
- Fosgail a’ phrògram Terminal. Faodaidh tu a lorg ann an Applications -> Utilities.
- Cuir ann na leanas /bin/bash -c “$(curl -fsSL https://raw.githubusercontent.com/Homebrew/install/master/install.sh)” agus brùth an iuchair cuir a-steach.
- Cuir a-steach am facal-faire cleachdaiche agad ma thèid iarraidh ort. (Cha tèid a thaisbeanadh air an scrìon nuair a tha thu ga thaidhpeadh mar sin dìreach taidhp e agus brùth an iuchair cuir a-steach.)
- Fuirich airson a’ chomannd a bhith deiseil.
Nuair a tha Homebrew air a stàladh, feumaidh tu Hunspell a stàladh.
- Fosgail “Terminal”, mura h-eil e fosgailte mar thà.
- Cuir ann na leanas brew install hunspell agus brùth air an iuchair cuir a-steach.
- Fuirich airson a’ chomannd a bhith deiseil.
An uairsin, tha thu deiseil airson an dearbhair fhèin a stàladh.
- Faodar an dreach as ùire a lorg aig https://extensions.libreoffice.org/extensions/an-dearbhair-beag-scottish-gaelic-spellchecker (Is e 3.3 am fear as ùire nuair a sgrìobh mi seo.)
- Nuair a tha thu air seo a luchdachadh sìos feumaidh a ath-ainmeachadh bho hunspell-gd-3.3.oxt gu hunspell-gd-3.3.zip.
- Dì-dhùmhlaich am faidhle zip agus gheibh thu pasgain hunspell-gd-3.3.
- Fosgail am pasgain seo, agus bu chòir dhut am pasgain Dictionaries a lorg le dà fhaidhle na bhroinn: gd_GB.aff agus gd_GB.dic.
- Tagh an dà fhaidhle seo agus gluais iad gu ~/Library/Spelling/ no /Library/Spelling/
A’ cleachdadh an dearbhair
- Fosgail prògram sgrìobhaidh a-leithid Notes no TextEdit.
- Brùth air Edit anns a’ bhar-taice agus air Spelling and Grammar -> Show Spelling and Grammar.
- Atharraich Automatic by Language gu Gàidhlig.
- Dùin a’ bhogsa Spelling and Grammar.
- Faodaidh tu tòiseachadh air sgrìobhadh.
- Chi thu loidhne dearg fo fhaclan ceàrr agus faodaidh tu brùthadh orra leis a’putan-lucha deas gus an ceartachadh. Air neo faodaidh tu an sgrìobhainn air fad a cheartachadh le bhith a’ fosgladh Spelling and Grammar a-rithist (ceum 2).
Gu mì-fhortanach, chan obraich e leis a h-uile prògram, MS Word mar eisimpleir, ach bu chòir dha obrachadh anns a’ chuid as motha de na prògaman a bhios a’ cleachdadh dearbhair MacOS fhèin.
Fàg beachd
Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.