Category: Gàidhlig


  • Còdachadh: Cuimhneachain

    Seo agaibh sealladh air aon de na h-aplacaidean shìmplidh air a bheil mi a’ leasachadh fhad ’s a tha mi ag ionnsachadh còdach fhad ‘s a tha mi ag ionnsachadh mu dheidhinn còdachadh airson iOS.

    ‘S ann airson adhbharan ionnsachaidh a tha mi a’ cruthachadh na h-aplacaidean seo ’s mar sin chan eil mi an dùil gun leig mi mu sgaoil iad ach nam bu toigh leat gin dhiubh fhaicinn san App Store, cuir fios thugam.


  • Stràcan ann am Mac OS X 10.7 Lion

    Faodar stràcan a dhèanamh air Mac OS X le bhith a’ cliogadh OPTION (⌥) + </strong> + <strong>LITIR</strong>, mar eisimpleir <strong>OPTION (⌥)</strong> + <strong> + a = à.

    Ach ann am Mac OS X 10.7 Lion faodar stràcan a dhèanamh le bhith a’ cumail sìos an litir a tha a dhith. Mar eisimpleir chum sìos a agus gheibh sibh popup de stràcan a tha a’ buntainn ris an litir a, dìreach mar a gheibheadh sibh air fòn-làimhe.