Category: Gàidhlig


  • Microsoft a’ cur stad air leasachadh SwiftKey airson iOS

    Bìdh Microsoft a’ toirt SwiftKey às a’ bhùth air iOS 5mh An Dàmhair.

    Mura h-eil thu eòlach air, ’s e an aon mheur-chlàr agus dearbhair-litreachaidh Gàidhlig a tha ri fhaighinn airson iOS a th’ ann an SwiftKey.

    Faodar SwiftKey cuideachd a chleachdadh le Albais, Gaeilge, Gàidhlig Mhanainn, Cuimris, Còrnais, is mòran cànain a bharrachd air a’ Ghàidhlig.

    Tha Microsoft air dearbhadh nach gabh SwiftKey a stàladh air iOS as dèidh 5mh Dàmhair ach obraichidh e fhathast ma thathar air a stàladh air fòn-làimhe ron a sheo.

    Ma tha sibh airson a stàladh, faodaidh sibh a lorg an-seo.


  • BBC Naidheachdan: “Taic dhidseatach dhan Ghàidhlig air fàire”

    Pìos inntinneach a nochd air làrach-lìn a’ BhBC an-diugh mu dheidhinn teicneòlais ùir a nì eadar-theangachadh beò air a’ Ghàidhlig: Taic dhidseatach dhan Ghàidhlig air fàire.


  • An Dearbhair Beag ann am macOS

    Air ùrachadh: 22mh An Gearran 2023

    Tha an Dearbhair Beag ’na dhearbhair-litreachaidh a tha stèidhichte air stòr-dàta nam faclan a tha san Fhaclair Bheag agus is esan an dearbhair as motha a tha ri fhaighinn aig an àm seo. Tha e air a fhilleadh ann an tionndaidhean Gàidhlig de na prògraman LibreOffice, OpenOffice agus Firefox o thùs. Is e adhbhar am post seo ge-tà sealltainn dhut mar a ghabhas a chleachdadh le taghadh nas fharsainge de phrògraman ann am MacOS.

    Tha stiùireadh air iGàidhlig ma tha thu airson a chleachdadh ann am Firefox, LibreOffice no OpenOffice.

    Faodar a stàladh air macOS cuideachd agus gabhar a chleachdadh an uair sin anns a’ chuid as motha de dh’aplacaidean bho Apple is luchd-leasachaidh eile.

    Stiùireadh stàlaidh

    1. Luchdaich sìos an tionndadh as ùire bho làrach-lìn LibreOffice. ’S e 3.5 a th’ ann an-dràsta – 22mh An Gearran 2023.
    2. Nuair a tha thu air an fhaidhle seo a luchdachadh sìos feumaidh tu a ath-ainmeachadh bho hunspell-gd-3.5.oxt gu hunspell-gd-3.5.zip.
    3. Dì-dhùmhlaich am faidhle zip agus gheibh thu am pasgain hunspell-gd-3.5.
    4. Anns a’ phasgain seo, lorgaidh tu pasgain eile, Dictionaries anns a bhios dà fhaidhle; gd_GB.aff, agus gd_GB.dic.
    5. Tagh an dà fhaidhle seo agus gluais iad gu ~/Library/Spelling/ no /Library/Spelling/.

    Stiùireadh cleachdaidh

    1. Fosgail aplacaid sgrìobhaidh a-leithid Mail, Notes no TextEdit (Bu chòir dha obrachadh anns a’ chuid as motha de dh’aplacaidean bho Apple fhèin agus ann an iomadh aplacaid bho luchd-leasachaidh eile.).
    2. Brùth air Edit -> Spelling and Grammar -> Show Spelling and Grammar.
    3. Atharraich Automatic by Language gu Gàidhlig (Library).
    4. Dùin a’ bhogsa Spelling and Grammar.
    5. Faodaidh tu tòiseachadh air sgrìobhadh.
    6. Chi thu loidhne dearg fo fhaclan ceàrr agus faodaidh tu brùthadh orra leis a’putan-lucha deas gus an ceartachadh. Air neo faodaidh tu an sgrìobhainn air fad a cheartachadh le bhith a’ fosgladh Spelling and Grammar a-rithist (ceum 2).

  • Aimsir.scot – Seirbheis aimsir Ghàidhlig

    Ma dh’fhaoidte gum bi cuid dhuibh eòlach air an aplacaid aimsire air leth Dark Sky, uill tha mi air seirbheis aimsir Ghàidhlig a chruthachadh leis an API aca agus i a‑nis beò aig Aimsir.scot.

    Ùrachadh: 12mh Am Màrt 2020

    Gabhaidh a cleachdadh sa Gaelige a-nis!

    Bu toigh leam Gàidhlig Mhanainn a chur rithe cuideachd. Cuir fios thugam ma bhios tu deònach mo chuideachadh leis an eadar-theangachadh.


  • Suidheachadh na Gàidhlig mar locale ann an iOS

    Coltach ri macOS chan eil cùs Gàidhlig a’ nochdadh ann an iOS.

    Airson Gàidhlig a thaghadh mar locale feumaidh tu na leanas a dhèanamh:

    Settings » General » Language & Region » Add Language agus cuir aig mullach na liosta e ann an Preferred Language Order.

    Mar seo:

    (‘S ann à iOS 11.4 a tha na dealbhan gu h-ìosal).

    A-measg na h-applaidean Apple bidh an ceann-latha a’ nochdadh anns a’ Ghàidhlig ach gu neònach cha bhi am mìosachan.

    A-thaobh applaidean treas-phàrtaidh bidh cuid de applaidean a leithid Mozilla Firefox a’ nochdadh sa Ghàidhlig ach cha bhi Opera Mini.

    A dh’aindeoin seo bidh làraichean-lìn a leithid Google a’ nochdadh anns a’ Ghàidhlig ann an Apple Safari, Mozilla Firefox agus Opera Mini.


  • Suidheachadh na Gàidhlig mar locale ann an macOS

    Gu mì-fhòrtanach chan eil cus Gàidhlig ann am macOS aig an ìre-sa ach o Mac OS X 10.8 a-mach ’s urrainn dhut Gàidhlig a thaghadh mar locale. Tha seo a’ ciallachadh gum bi prògraman treas-phàrtaidh a leithid Opera, VLC agus LibreOffice (agus prògraman eile a chleachdas gleus a dh’atharraicheas cànan nam prògraman a-rèir an locale) a’ nochdadh anns a’ Ghàidhlig ged nach bi na prògraman a thàinig le Apple fhèin.

    Airson Gàidhlig a thaghadh mar locale feumaidh tu na leanas a dhèanamh:

    macOS 10.8 agus nas sìne:

    System Preferences » Language & Text » Edit List » Tagh Gàidhlig ’s dèan cinnteach gu bheil i aig mullach na liosta

    macOS 10.9 agus nas ùire:

    System Preferences » Language & Region » + » Tagh Gàidhlig ’s dèan cinnteach gu bheil i aig mullach na liosta

    Nuair a tha thu air sin a dhèanamh bidh am mìosachan, an ceann-latha agus cuid a phrògraman treas-phàrtaidh a’ nochdadh na Gàidhlig.

    Mar seo:

    (‘S ann à macOS 10.13.4 a tha na dealbhan gu h-ìosal).

    Suidheachadh na Gàidhlig ann am macOS