• Iomairt AI a’ toirt cothrom na Fèinne dhan Ghàidhlig san linn dhidseatach

    Tha eòlaichean ann an Oilthighean Dhùn Èideann agus Ghlaschu air £225,000 fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba gus siostam fo-thiotalan Gàidhlig a chruthachadh a bhios freagarrach dhan BhBC.

    Bheir am maoineachadh cothrom dhan sgioba tòiseachadh air obrachadh a dh’ionnsaigh a bhith a’ cruthachadh modail cànain mòr – coltach ri ChatGPT – airson luchd-labhairt na Gàidhlig.

    Gheibhear barrachd fhiosrachaidh mun phròiseact an-seo.

  • Aimsir.scot

    Mar thoradh dùnadh an API Dark Sky le Apple an-dè, tha mi air Aimsir.scot a ghluasad dhan API bho Phirate Weather. Tha an API seo fhathast fo leasachadh ge-tà agus mar sin ma dh’fhaoidte nach obaraich Aimsir.scot mar bu chòir o àm gu àm.

  • Faclair.lgbt

    Chaidh Faclair nan Gèidheal ùrachadh le URL ùr snasail – faclair.lgbt – agus faodar a rannsachadh a-nis! Tha e fhathast ri lorg air làrach-lìn a’ Ghèidheil Ùire cuideachd.

  • SwiftKey ri fhaighinn air iOS a‑rithist

    Tha SwiftKey air tilleadh dhan App Store.

    Bha Microsoft air ainmeachadh gum biodh iad a’ cur stad air leasachadh SwiftKey airson iOS agus nach gabhadh a stàladh air iPhone às dèidh 5mh Dàmhair ach thathar a‑nis comasach air a luchdadh sìos a‑rithist.

    “Às dèidh fios air ais bho luchd‑cleachdaidh, tha SwiftKey iOS air a bhith air ath‑liostadh san Apple App Store”, ars Caitlin Roulston bho Microsoft ann an aithris dhan a’ bhloga teicneòlais, The Verge.

    Mura h‑eil thu eòlach air, ’s e SwiftKey an aon mheur‑chlàr agus dearbhair‑litreachaidh Gàidhlig a tha ri fhaighinn airson iOS.

    A bharrachd air a’ Ghàidhlig faodar cuideachd a chleachdadh le Albais, Gaeilge, Gàidhlig Mhanainn, Cuimris, Còrnais, is mòran cànain eile.

    Faodar SwiftKey fhaighinn an asgaidh bho seo.

  • Faclair nan Gèidheal 2.0 air a chur air bhog

    Tha mi air leth toilichte Faclair nan Gèidheal 2.0 a cho-roinneadh leibh. A bharrachd air tuilleadh briathrachais Ghàidhlig tha mi cuideachd air a bhith trang briathrachas Gaeilge a chur ris!

  • Microsoft a’ cur stad air leasachadh SwiftKey airson iOS

    Bìdh Microsoft a’ toirt SwiftKey às a’ bhùth air iOS 5mh An Dàmhair.

    Mura h-eil thu eòlach air, ’s e an aon mheur-chlàr agus dearbhair-litreachaidh Gàidhlig a tha ri fhaighinn airson iOS a th’ ann an SwiftKey.

    Faodar SwiftKey cuideachd a chleachdadh le Albais, Gaeilge, Gàidhlig Mhanainn, Cuimris, Còrnais, is mòran cànain a bharrachd air a’ Ghàidhlig.

    Tha Microsoft air dearbhadh nach gabh SwiftKey a stàladh air iOS as dèidh 5mh Dàmhair ach obraichidh e fhathast ma thathar air a stàladh air fòn-làimhe ron a sheo.

    Ma tha sibh airson a stàladh, faodaidh sibh a lorg an-seo.