Tha mi air leth toilichte Faclair nan Gèidheal 2.0 a cho-roinneadh leibh. A bharrachd air tuilleadh briathrachais Ghàidhlig tha mi cuideachd air a bhith trang briathrachas Gaeilge a chur ris!
-
Faclair nan Gèidheal 2.0 air a chur air bhog
-
Iomairt AI a’ toirt cothrom na Fèinne dhan Ghàidhlig san linn dhidseatach
Tha eòlaichean ann an Oilthighean Dhùn Èideann agus Ghlaschu air £225,000 fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba gus siostam fo-thiotalan Gàidhlig a chruthachadh a bhios freagarrach dhan BhBC.
Bheir am maoineachadh cothrom dhan sgioba tòiseachadh air obrachadh a dh’ionnsaigh a bhith a’ cruthachadh modail cànain mòr – coltach ri ChatGPT – airson luchd-labhairt na Gàidhlig.
Gheibhear barrachd fhiosrachaidh mun phròiseact an-seo.
-
Aimsir.scot
Mar thoradh dùnadh an API Dark Sky le Apple an-dè, tha mi air Aimsir.scot a ghluasad dhan API bho Phirate Weather. Tha an API seo fhathast fo leasachadh ge-tà agus mar sin ma dh’fhaoidte nach obaraich Aimsir.scot mar bu chòir o àm gu àm.
-
Faclair.lgbt
Chaidh Faclair nan Gèidheal ùrachadh le URL ùr snasail – faclair.lgbt – agus faodar a rannsachadh a-nis! Tha e fhathast ri lorg air làrach-lìn a’ Ghèidheil Ùire cuideachd.
-
Mastodon
Tha mi air co-dhùnadh Twitter, Facebook agus Instagram fhàgail is mi air cunntas a chlàradh air Mastodon nan àite.
Mura h-eil sibh eòlach air Mastodon fhathast, ‘s e lìonra sòisealta car coltach ri Twitter a th’ ann, ach tha e stèidhichte air bathar-bog saor an-asgaidh is fosgailte agus e na phàirt den cho-shaoghal, no Fediverse mar a chanas iad sa Bheurla.
Chlàraich mi cunntas air an fhrithealaiche Albannach, Mastodon.scot, ach tha mi air faighinn a-mach a-nis gu bheil GunChleoc (Rianaire Fòram na Gàidhlig), air frithealaiche fa-leth a chruthachadh do mhuinntir na Gàidhlig, Ailbhean.co-shaoghal.net.
‘S e feart math mu dheidhinn a’ cho-shaoghail, ge-tà, nach eil e gu diofar dè am frithealaiche a bhios tu fhèin a’ cleachdadh, bidh thu fhathast comasach air daoine air frithealaichean eile a leantainn.
Ma tha thu airson barrachd fhiosrachaidh mun a’ cho-shaoghal, tha GunChleoc air foir-shealladh a sgrìobhadh an-seo: https://co-shaoghal.net/index.php?page=170
-
SwiftKey ri fhaighinn air iOS a‑rithist
Tha SwiftKey air tilleadh dhan App Store.
Bha Microsoft air ainmeachadh gum biodh iad a’ cur stad air leasachadh SwiftKey airson iOS agus nach gabhadh a stàladh air iPhone às dèidh 5mh Dàmhair ach thathar a‑nis comasach air a luchdadh sìos a‑rithist.
“Às dèidh fios air ais bho luchd‑cleachdaidh, tha SwiftKey iOS air a bhith air ath‑liostadh san Apple App Store”, ars Caitlin Roulston bho Microsoft ann an aithris dhan a’ bhloga teicneòlais, The Verge.
Mura h‑eil thu eòlach air, ’s e SwiftKey an aon mheur‑chlàr agus dearbhair‑litreachaidh Gàidhlig a tha ri fhaighinn airson iOS.
A bharrachd air a’ Ghàidhlig faodar cuideachd a chleachdadh le Albais, Gaeilge, Gàidhlig Mhanainn, Cuimris, Còrnais, is mòran cànain eile.
Faodar SwiftKey fhaighinn an asgaidh bho seo.