Tha SwiftKey air tilleadh dhan App Store.

Bha Microsoft air ainmeachadh gum biodh iad a’ cur stad air leasachadh SwiftKey airson iOS agus nach gabhadh a stàladh air iPhone às dèidh 5mh Dàmhair ach thathar a‑nis comasach air a luchdadh sìos a‑rithist.

“Às dèidh fios air ais bho luchd‑cleachdaidh, tha SwiftKey iOS air a bhith air ath‑liostadh san Apple App Store”, ars Caitlin Roulston bho Microsoft ann an aithris dhan a’ bhloga teicneòlais, The Verge.

Mura h‑eil thu eòlach air, ’s e SwiftKey an aon mheur‑chlàr agus dearbhair‑litreachaidh Gàidhlig a tha ri fhaighinn airson iOS.

A bharrachd air a’ Ghàidhlig faodar cuideachd a chleachdadh le Albais, Gaeilge, Gàidhlig Mhanainn, Cuimris, Còrnais, is mòran cànain eile.

Faodar SwiftKey fhaighinn an asgaidh bho seo.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.