A' gluasad bho WordPress gu Jekyll

O chionn 2008 tha Geidh.uk air a bhith na bhlog WordPress (a’ ruith grunn plugain treas-phàrtaidh) a tha mi air a bhith ag òstaireachd agus a’ cumail suas leam fhèin.

Dh’obraich e math gu leòr airson greis, ach tha mi air a bhith a’ fàs sgìth le duilleagan slaodach, mearachdan frithealaiche, amannan far-loidhne agus ùrachaidhean a stàladh fad na h-ùine agus mar sin tha an làrach-lìn a-nis air gluasad bho WordPress gu Jekyll.

Tha mi air feuchainn ri buaidh a’ ghluasaid a lùghdachadh – bu chòir a’ mhòr-chuid de sheann cheanglaichean a bhith ag obair fhathast agus tha coltas an làraich-lìn ùr cha mhòr co-ionnan ris an an t-seann làrach-lìn.

Dh’fhaodadh gum bi bug no dhà ann fhathast is mar sin bhithinn fada nur comain ma chuireas sibh fios thugam air Twitter ma lorgas sibh fear.

Dè th’ ann an Jekyll?

‘S e gineadair làrach-lìn a th’ ann an Jekyll a bhios a’ toirt faidhlichean teacsa (a’ toirt a-steach faidhlichean Markdown) gus làraichean-lìn stadaigeach a chruthachadh a dh’fhaodar a luchdachadh.

‘S e an prìomh diofar eadar Jekyll agus WordPress nach fheum Jekyll an làrach-lìn a chruthachadh ach nuar a thèid atharrachadh a dhèanamh agus nach fheum e sreath de dh’iarrtasan stòr-dàta a dhèanamh a h-uile turas a tha duilleag air a luchdachadh. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil an làrach-lìn fada nas luaithe.

Tha e cuideachd a’ ciallachadh gu bheil mi comasach air postaichean a sgrìobhadh ann am faidhlichean teacsa sìmplidh a’ cleachdadh am bathar-bog as fheàrr leam agus ‘s urrainn dhomh fiù ‘s sgrìobhadh fhad ‘s a tha mi far-loidhne.

‘S buannachd mhòr eile a th’ ann gum faodar làraichean-lìn Jekyll òstaireadh an-asgaidh air GitHub Pages far am faigh sibh teisteanas HTTPS an-asgaidh cuideachd.

Fàg beachd

Ma tha beachd agad mun a' phost seo, faodaidh tu a chur thugam air Mastodon.